Bogadh STEALL ann an Glaschu

27_damhair_glaschu_jpg-beag
Innsibh dha ur caraidean! Bidh a’ chiad bhogadh aig an iris litreachais ùir, STEALL, ga chumail aig Siempre Bicycle Cafe, Partaig (ri taobh Fo-thalamh Kelvinhall), Glaschu, aig 7.00f air Diardaoin, 27 an Dàmhair. Bidh mi fhìn, Seonag Monk, Robbie Anndra, Padraig MacAoidh, agus Maureen NicLeoid a’ bruidhinn. Bidh ceòl agus pailteas bìdh ann cuideachd. Bidh e uabhasach spòrsail agus tha mi an dòchas ur faicinn ann … ach mur urrainn dhuibh tighinn gu Glaschu air an 27mh, cùmaibh sùil air a’ bhlog seo. Bidh bogaidhean eile ann an Dùn Èideann agus Inbhir Nis goirid an dèidh an fhir ann an Glaschu.

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Bogadh STEALL ann an Glaschu

  1. Pingback: An Luingeas Dorcha air Fàire | Air Cuan Dubh Drilseach

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply