The Bridge Trilogy le William Gibson

idoru’S e clasaic saibeir-punc a th’ ann an Neuromancer le William Gibson. Chaidh a foillseachadh ann an 1984, còrr is deicead mus do dh’fhill an t-eadar-lìon a-steach do gach ceàrn dar beatha, ach coltach ri fiosaiche, rinn Gibson ro-thaisbeanadh tràth agus eagalach cuimseach ann an Neuromancer air an t-saoghal shaibeirneatach ri teachd. Thuig Gibson gum fàsadh saibeir-spàs a cheart cho iomadach agus farsaing ri spàs fiosaigeach, agus mheòraich e air a’ bhuaidh a bheireadh an saoghal ùr seo air ar beatha anns an t-saoghal as aithne dhuinn. Thug soirbheas Neuromancer cliù mòr do Gibson mar fhear de na h-ùghdaran a bu chudromaich a tha air foillseachadh ann am Beurla anns na fichead bliadhna mu dheireadh, agus bhon uair sin, lean e air a’ sgrìobhadh mòran nobhailean buadhach eile suas chun an latha an-diugh.

Nis, an seo, feumaidh mi m’ aineolas aideachadh a-rithist. A bharrachd air Neuromancer, cha robh mi air mòran eile le Gibson a leughadh, gus an do leugh mi, o chionn ghoirid, a’ chiad dà leabhar anns a’ Bridge Trilogy aige: Virtual Light (1993) agus Idoru (1996). Ged nach eil iad cho ùr-ghnathasach ri Neuromancer is dòchais iomadh ùghdar a-nis a tha air sgrìobhadh mu bheatha anns an lìonraidh — saoilidh mi gu bheil iad fiù ’s nas fheàrr na Neuromancer mar nobhailean.

Tha an sgrìobhadh aig Gibson gu h-obann a’ cur sgrìobhadh Raymond Chandler gam chuimhne: cànan sradagach teann le coslachdan èibhinn geura gam breacadh mun cuairt. Seo mar a mhìnich e bobhla ramen sràide ann an Tokyo:

… dyed pink slices of mystery meat, thin as paper, basked atop a sargasso of noodles.

a  saragasso of noodles — aibhseach math! Agus tha an coltas eadar Chandler agus Gibson a’ dol nas doimhne na cànan. Ghluais Gibson bho na Stàitean do Chanada ri linn cogadh Vietnam. Tha e a-nis a’ fuireach ann an Vancouver, agus coltach ri Chandler, tha Gibson a’ sgrìobhadh bho shealladh à Taobh Siar Aimeireaga. Tha Virtual Light suidhichte ann an SF agus LA, agus Idoru ann an Tokyo, Seattle agus LA, le Gibson a’ toirt sealladh dhuinn air an t-saoghal ùr saibeirneatach mar a tha e a’ fàs agus a’ leasachadh anns na bailtean mòra sìor-nuadh air iomall a’ Chuain Shèimh.

Tha na sgeulachdan a’ gluasad gu sgiobalta luath anns an dà nobhail, a’ leum bho annas ùr gu annas ùr gun tàmh, le prìomh charactaran domhainn boireann aig ceann ghnothaichean anns an dà nobhail cuideachd. Tha an nobhail mu dheireadh anns an t-sreath, All Tomorrow’s Parties (1999), air òrdugh a-nis agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr rithe. Bidh mi ga leughadh aig an deireadh-sheachdain. Na innsibh dhomh dè thachras!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, saibeirneatachd, SF. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to The Bridge Trilogy le William Gibson

  1. Thuirt Fearghas MacFhionnlaigh:

    Tapadh leat airson seo. Chòrd ‘Neuromancer’ gu mòr riumsa cuideachd. Is e sgìobhadair buadhach innleachdach a th’ ann an William Gibson. Nach math nan robh eadar-theangachadh dhen leabhar seo ri fhaighinn sa Ghàidhlig?

    Co-dhiù, dhaibhsan aig a bheil comas-leughaidh sa Ghaeilge, mhothaich mi an-diugh fhèin gu bheil eadar-theangachadh dhan chànan sin a-nis air a’ chiad leabhar dhen ‘Foundation Trilogy’ aig Isaac Asimov (‘An Fhondúireacht’). Chaidh fhoillseachadh a’ mhìos sa chaidh le Evertype. Is e am Fionnlannach comasach Panu Petteri Höglund a rinn an obair, agus tha e na amharc an dà leabhar eile san t-sreath a dhèanamh mar an ceudna. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo:
    http://www.evertype.com/books/foundation-ga.html

Freagair lasairdhubh Sguir dhen fhreagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s