Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn

citilitThèid cùrsa leughaidh a chumail aig City Lit ann an Lunnainn, a’ cleachdadh ACDD mar bhun-theacsa a’ chùrsa.  Chan eil cus fiosrachaidh agam fhathast mun chùrsa, ach na tha air a’ chlàr-theagaisg, ach tha e dìreach sgoinneil fhaicinn gu bheil seo a’ tachairt, agus cuiridh barrachd fiosrachaidh suas an seo cho luath ’s a tha e agam.  Math fhèin!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Cùrsa leughaidh aig City Lit ann an Lunnainn

  1. Mòrag's avatar Thuirt Mòrag:

    Tapadh leat, a Thìom! Bidh an darna coinneamh againn a-màireach. Ma tha duine ag iarraidh barrachd fiosrachadh, cuir pd do languages@citylit.ac.uk. Tha an leabhar a’ còrdadh ruinn glan!

    Mòrag

  2. Morag's avatar Thuirt Morag:

    Ceud taing, a Thiom – chaidh an darna coinneamh uabhasach math, agus tha uidh mhor aig na h-oileanaich anns an sgeul. Bha fear dhiubh ag radh gun robh iomcheist air, nuair a lorg Sal an leth-chrogall anns an fhlat aige, gun robh Sgt R air ithe Riosa!

    Am bi thu gar coinneachadh anns an seomar-chlais le Skype anns a’ Ghiblean? Bidh moran ceistean againn dhut!

    • lasairdhubh's avatar Thuirt lasairdhubh:

      Is math an rud nach do dh’ithe! B’ e sgeulachd gu math goirid a bhiodh sin. Tha clas Skype anns a’ mhiosachan agam air an 6mh dhen Ghiblean. Bruidhnidh sinn an uair sin. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris! Tim

Leave a reply to lasairdhubh Sguir dhen fhreagairt