Bogadh Punc ann an Dùn Èideann

IMG_9217

Oi Polloi aig Elvis Shakespeare

A’ togail air a’ bhogadh sgoinneil a rinn sinn ann an Glaschu seachdain sa chaidh, chaidh ACDD a chur air bhog dà thuras eile ann an stoidhle punc Disathairne ann an Dùn Èideann.  Air an fheasgar, chluich Oi Polloi cuirm mhì-laghail ann am meadhan an latha aig a’ bhùth-leabhair, Elvis Shakespeare, air Ceum Lìte.

Air Cuan Dubh Drilseach ri reic ann an Elvis Shakespeare

Air Cuan Dubh Drilseach ri reic ann an Elvis Shakespeare

’S e bùth cianail beag a th’ ann agus mar sin, chluich Oi Polloi taobh a-staigh agus bha a’ mhòr-chuid dhen èisteach taobh a-muigh air a’ chabhsair.  Chluich Oi Polloi seat slàn Gàidhlig agus ged a bha sluadh mòr againn agus Lìte air fad a’ rocadh ris na fuaimean aig Oi Polloi, cha tàinig am poileas.

IMG_9224

Puncairean Dùn Èideann air beulaibh Elvis Shakespeare air Ceum Lìte

Ach thàinig mòran seann charaidean, nam measg Roddy (Atomgevitter/Na Gathan/An t-Uabhas/xSaxonx) agus Susan Bell.

Roddy air beulaibh Elvis Shakespeare

Roddy air beulaibh Elvis Shakespeare

Le taic bho Cam ann an Oi Polloi, rinn mi fhìn pios rap a-mach às an leabhar agus chaidh e na b’ fhèarr na bha mi an dùil.  Bha e èibhinn co-dhiù.

Mi fhìn a' rapadh dha na puncairean ann an Elvis Shakespeare

Mi fhìn a’ rapadh dha na puncairean ann an Elvis Shakespeare

An toil leibh na brògan gorma nìon agam?  ’S ann airson fànas a tha iad.  Seo triptych a thog Roddy:

A' leigeil an dàin ann an Lìte

A’ leigeil an dàin ann an Lìte

Chì sibh beagan dhen t-seat aig Oi Polloi an seo is iad a’ cluich an òrain Òigridh air na Sràidean, beagan “complimentary wine” an làimh Ruairidh, agus Roddy a’ seinn bhon èiseachd:

Agus seo iad a’ cluich Carson:

Air an oidhche, ghluais sinn gu bàta aig a’ chidhe ann an Lìte, The Cruz.

The Cruz ann an Lìte

The Cruz ann an Lìte

Chluich The Pink Dogs an toiseach.

The Pink Dogs

The Pink Dogs

Agus an uair sin, ghabh Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann ris an àrd-ùrlar.  Bha Charlotte an ceann gnothaich agus chùm i deagh smachd air na puncairean.

Charlotte mar bhean an taigh

Charlotte mar bhean an taigh

B’ e sluadh doirbh a bhiodh ann do cheòladairean traidiseanta, bàta làn puncairean, ach rinn na h-oileanaich fìor mhath, agus bha amannan ann nuair a bha na puncairean uile sàmhach agus ag èisteachd ris a’ cheòl dhrùidhteach aca.

Òran traidiseanta Gàidhlig dha na puncairean

Òran traidiseanta Gàidhlig dha na puncairean

Chuir Charlotte ACDD air bhog aon uair eile agus rinn mi fhìn agus Cam am pìos rap againn a-rithist.  Chaidh e fiù ’s na b’ fhèarr air an oidhche, chanainn.  An dèidh a’ bhogaidh, ghabh Oi Polloi ris an àrd-ùrlar, agus mar a bha dùil, chaidh an talla buileach às a rian.

IMG_9251

Oi Polloi anns a’ Cruz

Bha “aoigh sònraichte” aig Oi Polloi, Roddy air a’ mheur-chlàr.  Chluich Oi Polloi seat slàn Gàidhlig eile a bha àrd agus cruaidh.

Roddy le Oi Polloi

Roddy le Oi Polloi

A bharrachd air Roddy, thàinig mòran sean charaidean dhan oidhche cuideachd, nam measg, an t-àrd-ollamh (ùr!) Wilson McLeod agus Seonaidh MacAdhaimh.  Chuir Balsall Heathens crioch chraicte air an oidhche agus chaidh a h-uile rud fada na b’ fhèarr na bha sinn an dòchas.  Cha do bhàsaich duine agus chaidh ACDD a chur air bhog ann an stoidhle cheart.

Mar a thuirt Charlotte, bha e iomchaidh gun do dh’ionnsaich mi a’ Ghàidhlig am measg nam puncairean ann an Dùn Èideann an toiseach agus gun tàinig sinn air ais gus an nobhail agam a chur air bhog aig cuirm punc ann an Lìte.  Ged nach robh a’ Ghàidhlig aig mòran anns an èiseachd aig an dà chuirm, bha e brosnachail faicinn cho taiceil agus fosgailte ’s a tha na puncairean ann an Dùn Èideann dhan Ghàidhlig.

Ceud mìle taing do ChLÀR, foillsichear ACDD, airson taic a thoirt dha na diofar chuirmean-bogaidh seo, an tè ann an Glaschu cho math ris an dà chuirm ann an Dùn Èideann.  Tha CLÀR air a bhith cianail cudromach ann an leasachadh litreachas na Gàidhlig aig toiseach na h-aonamh linne air fhichead.   ’S e buidhean lèirsinneach a th’ annta gun teagamh!

Puncairean anns a' Cruz

Puncairean anns a’ Cruz

Chaidh seo a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, naidheachd, punc. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Bogadh Punc ann an Dùn Èideann

  1. Thuirt Meg:

    Cocktail mìorbhaileach an seo de Phunc agus de Gàidhlig, dha rìreabh frith-chulturach. Meal do naidheachd, a Thim, tha mi a’ faireachdainn gu bheil thu air a bhith gu math dìleas dha na freumhan agad, agus às an sin, gun do chruthach thu rudeigin ùr. Chan ann gun tòrr obrach, tha fios agam. Tha thu air taobh eile a thoirt dhan a’ Ghàidhlig, agus ’s e rud fallainn a th’ ann nuair a bhios cultar sam bith ioma-thaobhach.

    (agus meal-a-naidheachd do Wilson cuideachd, airson na cathrach agus airson tighinn!)

    Meg aig Sabhal Mòr Ostaig

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply