Briathrachas nan Leabhraichean

Air Cuan Dubh Drilseach Chan e liosta briathrachas a tha seo, ach cuid dhe na faclan agus abairtean as dorra anns a’ chiad chaibideil mar thaic do leughadairean Gàidhlig ùra.

Às na Freumhan: Eachdraidh air Iomairt na Sgoileadh Gàidhlig ann an Dùn Èideann 1998–2011 Mar a bhite an dùile, bha agam ri mòran briathrachais shònraichte ceangailte ri poileasaidh fhoghlaim agus poileasaidh phoblach a chleachdadh anns an leabhar seo, agus seo an liosta dheth a chuir mi ri chèile fhad ’s a bha mi ag obair, le eadar-theangachadh chun na Beurla.

An Luingeas Dorcha air Fàire ’S e an nobhail seo an sgeulachd as fhaide a sgrìobh mi a-riamh, agus na cois, bha agam ri iomadh taghadh a dhèanamh a thaobh briathrachas. Chruthaich mi an liosta seo, anns a’ chiad dol-a-mach, gam chumail fhèin ceart fhad ’s a bha mi ri sgrìobhadh.

An Luingeas Dorcha air Fàire: Briathrachas Maraiche Liosta dhen bhriathrachas a tha a’ beantainn gu sònraichte ri seòladh anns an nobhail.