Tha cuibhreann math dhen sgeulachd anns an leabhar seo a’ tachairt aig muir, agus rinn mi mòran rannsachaidh air briathrachas seòlaidh fhad ’s a bha mi ga sgrìobhadh. Chan iongnadh gu bheil an t-uabhas de bhriathrachas ceangailte ris a’ mhuir is ri seòladh aig na Gàidheil, agus diofar mòr, cuideachd, eadar na dualchainntean. Seo shìos na roghainnean a rinn mi fhìn:
am bòrd-beulaibh = starboard
am bòrd-cùlaibh = port
aom = heel
àradh taodach = rope ladder
asair-teasairginn = safety harness
bàirlinn = swell, breaker
beatadh = tacking, beating
beul = gunwale (Bìrlinn: Longships of the Hebrides)
botag = boathook
bràigh a’ bhàta = fo’c’sle
bròg a’ chruinn = the mast step
cathadh-mara = spindrift
ceann an t-siùil = the peak of the sail
claigeann a’ bhàta = the stem of the boat
clàr-slabhraidh = chain plate
clàr-toisich = foredeck
cluas = tack of the sail
cnot = knot (astar-gaoithe/-luinge)
crann-sgòid = boom (Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan)
cuibhleadh an taoid = coiling, winding the rope
cuir gleus air na seòil = trim the sails (Faclair Beag)
cupaill = shrouds
eathar-taigh = houseboat
falmadair fo achlais = tiller under (his) arm
fo chlàr = below decks (DASG)
fo sheòl = under sail
fuaradh-cluaise = luffing (Birlinn Chlann Raghnaill)
ghabh an seòl a làn = the sail filled
geimheal = shackle (Mark; Dwelly, geimhle)
gibneach = squid
greimiche = cleat (Dwelly)
iarna = hank (Dwelly)
iomanair = propeller
ionnrais = tempest
leig às e = unfurl it
leud-deiridh = leech (Muir is Tìr)
loidhne-shnàimh = waterline
lùbach = cringle (Dwelly)
marbh an t-siùil-mhara = slack tide
na laighe thuige = hove to (laigh thuige = heave to; Dwelly)
oitir = sandbar/shoal
ràth = raft
reudar =radar
riof = reef (Dwelly)
rotal = wake
ruith ron ghaoith = run before the wind (Deòrsa Mac Iain Dheòrsa)
saidse-thoisich = forehatch
seacaid-shàbhalaidh = lifejacket
seòl-meadhain = mainsail
seòmar a’ bhràigh = fo’c’sle cabin
sgrìobair = dredge (commercial fishing gear)
sgòd-meadhain = mainsheet (sgòd = sheet; Birlinn Chlann Raghnaill)
sgollag = dingy, tender
sgùd = ketch
sloc-stiùiridh = cockpit
slùp = sloop (Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair)
snaidhmeadh = knotting, tying
sniuradh = hauling
sraon = headway (Colin Mark; DASG)
stagh = stay (Bìrlinn: Longships of the Hebrides)
stob-teasairginn = stanchion
sreath = reef in a sail (Dwelly)
stoc = gunwale (Dwelly)
taobh an fhuaraidh = the windward side
taod = rope, line, sheet
taom = luff of a sail
taoim = bilgewater
tarraing = halyard
tarraing-meadhain = main halyard
tarsnan = transom
thar stoc = overboard
toll-bùird = companionway
ulag = block-n-tackle
unndais = windlass (bhon Lochlannais)
unndais-làimhe = hand winch




