Daor-chleachdadh

Dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air ‘exploitation’ anns an t-seagh shònraichte a’ ciallachadh a bhith a’ cleachdadh cuideigin no rudeigin ann an dòigh mhì-chothromach no neo-bheusach, mar a mhìnich an OED:

“The action or fact of taking advantage of something or someone in an unfair or unethical manner.”

Tha e coltach gu bheil a’ chiall àicheil dhen fhacal seo reusanta ùr agus gun deach a chleachdadh anns an t-seagh seo sa Bheurla a’ chiad uair anns na 1830an ann an iomradh air an sgrìobhadh aig an t-sòisealach thràth Saint-Simon.

’S e bun-bheachd ro chudromach a th’ ann, ach cha chreid mi gu bheil deagh fhacal Gàidhlig againn fhathast a tha ga riochdachadh gu ceart.

Tha ‘dúshaothrú’ aig na h-Èireannaich, ach chan eil fios agam an cleachdar ‘saothair’ ann an dòigh aisigeach ro thric air an taobh againne de Shruth na Maoile. Cuideachd, tha an ro-leasachan ’dú-‘ (dubh-) caran farsaing. Bu toil leam rudeigin nas mionaidich.

Mar sin, tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ‘daor-chleachdadh’. Tha mi a’ faireachdainn, ann an co-theagsa, gum bi ciall a’ bhriathair seo reusanta trìd-shoilleir. Tha mi a’ moladh ‘daor-’ anns an t-seann seagh ‘unfree, servile, laborious’ (faicibh ‘doír’ ann an eDIL). Gheibhear an ro-leasaichean seo anns na faclan ‘daor-mhaighstir’ (oppressor), ’daor-ghille’ (slave), agus ‘daor-thaigh’ (prison).

Is toil leam e, ach dè ur beachdan-se?

Dealbh: Coalbrookdale by Night, Philip James de Loutherbourg, 1801

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Daor-chleachdadh

  1. An Deireag's avatar Thuirt An Deireag:

    Dhomhsa dheth, se an aon rud a th’ ann ’s a bhith gabhail brath air daoine. Ach tha diofar ìrean ann..mar sin leis an fhacal “daor”, thathas a’ smaoineachadh air “daorsa” agus eadhon “bràighdeanas”. Sna shuidheachaidhean air a bheil thu smaointinn, saoilidh mi gur e deagh thaghadh a th’ ann.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply