Eugsamhlachd ann an Saoghal na Gàidhlig

Tha e soilleir gu bheil an deasbad ann an iomairt na Gàidhlig air a dhol a dh’àite gu math dorcha o chionn greis. Tha sealladh agus modh conaltraidh air èiridh nar n-iomairt a nì, ma leigeas sinn leotha, fada a bharrachd cron na feum. Mar sin, gus sealladh agus modh conaltraidh nas cothromaichte agus nas ion-ghabhalta a bhrosnachadh, tha mi fhìn is cuid dhem cho-obraichean air an seiminear shìos a chur air dòigh:

Anns an t-seiminear, bithear a-mach air ceithir ceistean co-cheangailte:

  • Dè tha ag obair ann an iomairt na Gàidhlig an-dràsta, agus ciamar a thèid togail air an t-soirbheas seo anns an àm ri teachd?
  • Ciamar a thig sinn còmhla gus na diofar choimhearsnachdan Gàidhlig againn uile a neartachadh?
  • Ciamar a thogas sinn iomairt airson na Gàidhlig a bhios an dà chuid fosgailte agus eugsamhail?

Gu pearsanta, tha mi gu sònraichte draghail gu bheil an tuigse ùr, dhorcha seo air sgaraidhean a chruthachadh ann an saoghal na Gàidheal a bhios an dà chuid a’ lagachadh èifeachd ar n-iomairt mar ghluasad sòisealta, bonn-a-nìos, ach cuideachd, a’ dùnadh a-mach cuid a Ghàidheil o mheadhan na h-iomairt a rèir fheartan pearsanta mar àite-fuirich, cinneadh is gineil. Tha mi a’ creidsinn gum b’ e dosgainn mhòr a bhiodh ann dhan iomairt againn nan gabhamaid ris na sgaraidhean seo.

Chan eil brìgh sam bith anns an t-sealladh ‘suim-neoni’ a tha air fàs cho bitheanta nar measg o chionn greis, am beachd gun dèan leasachadh anns an dàrna coimhearsnachd cron no dìmeas air coimhearsnachdan eile ann an dòigh air choreigin. Chan ann mar sin a bhios gluasadan sòisealta ag obair idir.

’S e neart a th’ ann eugsamhlachd. Mar a thuirt iomairtiche cànain rium corra sheachdain air ais: cha bu chòir dhuinn uile a bhith a’ sabaid an aghaidh a chèile airson slis nas motha dhen phaidh; bu chòir dhuinn a bhith a’ sabaid còmhla, ri guaillibh a chèile, airson paidh nas motha dhuinn uile.

Thigibh ann!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 Responses to Eugsamhlachd ann an Saoghal na Gàidhlig

  1. Thuirt Steaphan:

    Bu chòir dhuinn a bhith a’ deasachadh paidhean eadar-dhealaichte às am faigh a h-uile neach compàirteachaidh sliseag dha fhèin!

  2. Tha mi ag aontachadh gu mòr ri seo. Mar a thuirt thu. Tha an deasbad air fàs uabhasach dorcha, cunnartach, às-dùnach agus feumaidh sinn strì airson saoghal na Gàidhlig a bhios a’ gabhail a-steach a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig. Tha e eagallach mar a tha an deasbad air gluasad bho chànan gu cinneadh.

    • Thuirt Steaphan Risnidh:

      Ma tha tòrr bhuill de choimhearsnachd ann nach eil a-nis comasach air a’ chainnt a bh’ aig am pàrantan is seann-phàrantan bruidhinn gu fileanta, chan eil ann ach an cuideam a leigeil air an “sinnsirean” airson smachd a bhith aca air a’ ghnothach fhathast – agus ’s e sin far a bheil an deasbad ag atharrachadh gu “cinneadh”. Agus mura bheil iad a’ faireachdainn misneachail gu leòr a’ chainnt ath-ionnsachadh, feumaidh iad greimeachadh air rudeigin seach a’ chainnt fhèin.

      Cuideachd, dh’fhaoidte gu bheil iad fhathast a’ cleachdadh na Gàidhlig, ach gu bheil iad a’ faireachdainn “fo bhagradh” ron t-suaile mhòr de ghoill a tha a’ taomadh a-steach orra…cha bhiodh sin na iongnadh dhomh nas motha.

      Ma tha coimhearsnachdan a tha gu ìre, caran gallda, an taca ri an coimhearsnachd-san a’ togail na Gàidhlig ann an dòighean nach eil, ma dh’fhaoidte, a’ tighinn ri an càil, ’s dòcha gum bi cuid sa choimhearsnachd a’ faireachdainn gu bheil rudeigin ga ghoid orra…cò aig tha fhios.

      Chan eil mi smaoineachadh ge-tà, gu bheil an deasbad air a dhol tur taobh “cinneadh” a-mhàin.
      Tha am post bloga seo caran sgleòthach a thaobh dè dìreach a tha “dorcha” san deasbad. Dè na puingean san deasbad gu mionaideach a tha a’ taobhadh gu “cinneadh” seach “cànan”? Chan fhaca mi mòran a tha taobhadh gu cinneadh.

      • Thug mi sùil air cuid de na cùisean seo:

        Should I stay or should I go?

        Chan eil mi ag iarraidh deasbad air a’ chùis idir ach tha mi eòlach air na ficheadan de dhaoine ann an saoghal na Gàidhlig a tha uamhasach fhèin draghail mu mar a tha cinneadh a’ tighinn a-steach gu deasbad na Gàidhlig agus mar a thathar ag “eileachadh” daoine a dh’ionnsaich Gàidhlig no a tha a’ fuireach taobh a-muigh coimhearsnachdan traidiseanta agus nach eil gam faicinn mar “Gaels”* leis na daoine a tha a-mach air cinneadh san deasbad. Tha dragh mòr mòr air tòrr dhaoine mu dheidhinn – luchd-iomairt, sgoilearan, daoine a tha ag obair ann an saoghal na Gàidhlig, luchd na Gàidhlig air an t-sràid is eile. Agus tha iad leisg bruidhinn a-mach mu dheidhinn leis gu bheil an uiread de trolling ann an aghaidh duine sam bith a tha ag ràdh facan an aghaidh ethnicisation san deasbaid.

        Mar a thuirt mi, chan eil mi ag iarraidh deasbad air seo. Tha mi dìreach ag ràdh gu bheil tòrr dhaone a’ faireachdainn gu bheil an deasbad air fàs dorcha.

        *Thuirt mi Gaels seach Gàidheil oir tha mi a’ smaoineachadh nach eil buileach an aon chiall aig an dà fhacal agus gu bheil na daoine a tha a-mach air cinneadh a’ cleachdadh ciall Beurla an fhacail – ach sin cuspair eile!

  3. Pingback: Eugsamhlachd ann an Saoghal na Gàidhlig — Air Cuan Dubh Drilseach – Tuairisceoir an Dúin

Freagair alasdairmaccaluim Sguir dhen fhreagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s