Tochmarc Emire

CudesiresarmsAs t-samhradh seo, chuir mi romham barrachd obrach a dhèanamh air na stuthan-teagaisg agam a-mach air fuaimneachadh, agus bha mi shìos ann an Leabharlann SMO greis latha bhon dè, feuch an lorgainn sgeulachd bheag a dh’fhaodainn cleachdadh mar phìos leughaidh anns a’ chlas. Bha mi ag iarraidh pìos a bhiodh tarraingeach agus traidiseanta, sgeulachd na Fèinne bu dòcha, agus goirid gu leòr gus an gabhadh i leughadh anns a dhà no trì mionaidean. Ged a tha beartas de sgeulachdan againn anns an leabharlann, cha do lorg mi tè a bha buileach ceart. Mar sin, chuir mi romham tè a sgrìobhadh mi fhìn, agus sin a rinn mi an-dè. Sgrìobh mi sgeulachd, neo seòrsa geàrr-chunntas air an sgeulachd ainmeil, Tochmarc Emire. Is toil leam i, oir tha dithis bhoireannach làidir innte, tè dhiubh a’ fuireach ann an Slèite fhèin. Gu math iomchaidh dhan chlas agam! Seo i ma-tà. Dè ur beachd?

Suirghe Eimhir

Bha ann roimhe seo rìgh mòr, dam b’ ainm Conchobhar, a’ fuireach ann an Eamhain Mhacha, ann an Ulaidh, ann an Èirinn a Tuath. Latha a bha seo, bha na h-Ultaigh uile aig dùn an rìgh, ag òl bhon Iarann Ghuail (cuach cho mòr ri togsaid), agus a’ farpais ri chèile le claidheamhan agus le sleaghan. Thug Cù Chulainn bàrr air a h-uile fear aca, agus ghabh na h-Ultaigh comhairle ri chèile mu Chù Chulainn an uair sin, oir bha mnathan Uladh uile gu math titheach air. Cha robh bean aig Cù Chulainn aig an àm, agus chuir Conchobhar seachd fir a-mach gu gach ceàrnaidh ann an Èirinn, feuch am faigheadh iad bean dha, ach an ceann latha agus bliadhna, thill iad uile, gun sgeul air bean a chòrdadh ri Cù Chulainn.

Latha de na làithean, bha Cù Chulainn a’ siubhail anns a’ charbad-chogaidh aige tro Lusca, faisg air Baile Átha Cliath, agus chunnaic e nighean bhrèagha, Eimhir, na suidhe ann an achadh, ri fuaigheal. Rinn Cù Chulainn suirghe air Eimhir agus ghabh iad trom ghaol air a chèile. Ach sheas athair Eimhir, Forgall Monach, nan aghaidh, agus ars esan ri Cù Chulainn, “Chan fhaod thu mo nighean a phòsadh gus an ionnsaich thu sabaid bhon bhan-ghaisgeach, Sgàthach, ann an Alba.” Bha Forgall an dòchas gum faigheadh Cù Chulainn bàs ann an Alba, leis cho fiadhaich ’s a bha Sgàthach, ach cha robh eagal air Cù Chulainn fhèin.

“Nì mi sin,” ars esan. Sheòl e gu Dùn Sgàthaich, ann an Slèite, anns an Eilean Sgitheanach, agus nuair chaidh e suas gu doras an dùin, cha do ghnog e, ach chuir e a shleagh dìreach troimhe.

“Duine treun a tha seo,” ars Sgàthach, agus dh’ionnsaich i sabaid dha. Aig an àm seo, bha Sgàthach a’ cogadh ri Aoife, a’ bhan-ghaisgeach a bu ghairge ann an Alba, agus air latha a’ chatha, chaidh feachd Sgàthach sìos dhan bhlàr an aghaidh feachd Aoife. Gus nach èireadh beud do Chù Chulainn, thug Sgàthach deoch shuaine dha, ach bha Cù Chulainn ro làidir, agus cha tug an deoch cus buaidh air; cha b’ fhada gus an robh e air ais na dhùisg agus shìos ann am meadhan a’ bhlàir. Bha an cath feargach, fuilteach. Bhris Aoife an claidheamh aig Cù Chulainn, ach rug Cù Chulainn oirrese, shad e dhan làr i, agus thug e oirre gèilleadh.

B’ ann an dèidh sin a dh’ionnsaich Sgàthach do Chù Chulainn mar a chuireadh e an Gath-Bolg (sleagh fuathasach gàbhaidh), agus an t-eòlas sin aige, sheòl e air ais gu Èirinn. Thriall e gu Lusca agus thug e ionnsaigh air an dùn a bh’ aig Forgall Monach, athair Eimhir. Rinn Cù Chulainn leum a’ bhradain thairis air balla an dùin agus mhairbh e na fir a lorg e ann. Fo eagal, leum Forgall fhèin far balla an dùin, agus bhàsaich e. Thug Cù Chulainn Eimhir leis, maille ri poca òir agus poca airgid a lorg e anns an dùn, agus chaidh iad air ais gu Eamhain Mhacha ann an Ulaidh. Phòs iad an sin, agus cho fad ’s a bha iad beò, cha do dhealaich iad a-riamh.

 

Air a leasachadh bho:

Hull, Eleanor (1898) The Cuchullin saga in Irish literature. Lunnainn: David Nutt, 55‒84.

Meyer, Kuno (1888) “The wooing of Emer,” Archaeological Review 1: 68–75, 150–155, 231–235, 298–307.

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s