Cymera

IMG-20190614-WA0008
Bha deagh oidhche againn aig an fhèis Cymera ann an Dùn Èideann. Bha sluagh mòr ann, cuid leis a’ Ghàidhlig aca, cuid eile bhon fhèis fhèin gun a’ Ghàidhlig aca idir. Gu cearbach, cha tàinig an uidheamachd eadar-theangachaidh, agus mar sin, bha againn ris an tachartas a dhèanamh eadar an dà chànan, ach dh’oibrich e math gu leòr, agus bha a h-uile duine san èisteachd air an dà thaobh foighideach, furanach. Rinn Maighstir Neithercut uabhasach mhath sa chathair, agus mo thaing shònraichte do Dhaibhidh còir, a chuir am beachd air adhart gu muinntir Cymera anns a’ chiad dol-a-mach.
IMG-20190614-WA0010
Dealbhan le Heather Clyne. Taing!

Chaidh seo a phostadh ann an Ficsean-saidheans, naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Cymera

  1. Marconatrix's avatar Thuirt Marconatrix:

    Ach có as a thàinig an t-ainm ‘Cymera’, ‘eil fhìos ann ???

Leave a reply to Marconatrix Sguir dhen fhreagairt