Uaireannan is mi a’ faireachdainn cho trèigte…

Is fìor thoil leam a’ bhideo ùr seo bho na Chemical Brothers dhan òran aca, Sometimes I Feel So Deserted. Fiolm goirid ficsean-saidheans a tha e, agus boireannach saibeirneatach a’ teicheadh tron fhàsach. Tha mòran dhen aesthetic de Mad Max: Fury Road ri fhaicinn ann, ach cuideachd anns a’ bhriseadh sìos, beagan bhon film craicte aognaidh sin, Under the Skin. Creididh mi, anns an aona linn air fhichead, tha e uile mu dheidhinn robotan agus an dàimh aig daoine bitheòlach riutha-san. Tha linn nan robotan air fàire gun teagamh.

Chaidh seo a phostadh ann an ceòl, Ficsean-saidheans, saibeirneatachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply