Leabhar ‘s Craic

leabhariscraicBidh an fhèis litreachais, Leabhar ’s Craic, a’ tachairt am bliadhna aig a’ Centre for Performing Arts ann an Glaschu aig 350 Sràid Sauchiehall air 22d latha dhen Mhàrt bho meadhan latha, agus bidh mi fhìn ann air dà adhbhar: sa chiad dol-a-mach, bidh mi a’ bruidhinn mu ACDD aig taisbeanadh goirid aig meadhan latha; agus an uair sin, aig 4f, thèid an leabhar ùr agam do dh’inbhich òga, Feur Buidhe an t-Samhraidh, a chur air bhog.  Ù hù!  Bidh dràma, òrain, tòrr ùghdaran agus mòran eile a’ dol air adhart air an latha, agus tha coltas gu math spòrsail air a’ phrògram.  Thigibh ann!

Chaidh seo a phostadh ann an naidheachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 Responses to Leabhar ‘s Craic

  1. Mòrag's avatar Thuirt Mòrag:

    Bidh mi ann!

Leave a reply to Mòrag Sguir dhen fhreagairt