Atari Punk Console

Roimhe, chuir mi a’ cheist: ciamar a nì thu ceòl eleactrònach beò ann an dòigh bheothail agus chruthachail?  B’ urrainn dhut coimpiùtairean agus smachdairean a chleachdadh còmhla ri bathar-bog mar Ableton Live, mar a nì an Glitch Mob, ach nach biodh e fiù ’s na b’ fheàrr cluich air ionnstamaidean eleactrònach a rinn thu air do cheann fhèin?  Tha Collin Cunningham an seo a’ sealtainn mar a nì thu Atari Punk Console, agus tha e ooooooooolc!  Cuideachd, is toil leam an bhideo seo.  Seall air an àite-obrach sin — coltach ri taobh a-staigh an Jawa Sandcrawler ann an Star Wars.

Chaidh seo a phostadh ann an ceòl. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Atari Punk Console

  1. Sukie's avatar Thuirt Sukie:

    B’choir dhaibh farpais Atari Punk Console – am fuaim as fheàrr as an inneal agad fhèin – a chur air doigh airson a’ Mhòd Naiseanta… Bonn Òr an Atari Punk.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply