Caibideil I ♦ Luathas-teichidh
9
luathas-teichidh ◊ luathas a dh’fheumas ruigsinn gus faighinn air falbh bho iom-tharraing planaid.
iarmailt ◊ na speuran os ar cionn. Cuideachd: fànas, failbhe.
iom-tharraing ◊ am fòrsa eadar dà chorp le tomad; am fòrsa a tharraingeas sinn sìos dhan talamh.
10
tèarainteachd ◊ anns an t-seagh seo, thathar a’ ciallachadh nan siostaman agus nan daoine uile ri chèile a dhìon agus a ghlèidh làrach air choireigin.
boinneag ◊ rud beag uisge neo lionn eile.
eanchainn innealta ◊ eanchainn choimpiùtaireach seach eanchainn bhitheòlach.
snàigeadh ◊ a’ gluasad gu faiceallach gus nach faic daoine eile thu. Cuideachd: èaladh.
fànas ◊ na speuran os ar cionn. Cuideachd: iarmailt, failbhe.
amaideas ◊ rudeigin gòrach neo amaideach.
gealtair ◊ cuideigin gealtach; cuideigin nach eil dàna, misneachail neo gaisgeil.
11
trèigte ◊ àite, baile neo togalach gun daoine a’ fuireach annta; àite ris an do chuir daoine an cùl; àite falamh.
bu ghann gun robh ◊ cha mhòr nach robh
cha dearg mi air ◊ chan urrainn dhomh
làrach-corraige ◊ am pàtran sònraichte cuairteach air clàr do chorragan leis an tèid d’ aithneachadh.
clàr-poilis ◊ an clàr a chumas am poileas air na h-eucoirean a rinn daoine.
12
is math an airidh ◊ rinn thu rudeigin ceàrr agus tha thu airidh air an droch rud a thachras mar thoradh.
sradagan ◊ mìrean beaga teinnteach ag èiridh bho theine.
chan fhaca tu do chuid dheth fhathast ◊ bidh an duine seo ag adhbharachadh thrioblaidean dhut fhathast.
bidh ceannach agad air ◊ rinn thu rudeigin ceàrr is feumaidh tu pàidheadh.
torman ◊ fuam ìosail leantainneach
13
a’ cumail a chuideachd ◊ a’ crochadh a-mach còmhla ris; na caraid dha.
air èideadh ◊ a’ cosg mar aodach.
deise-fhànais ◊ dèise shònraichte dhìonach a chosgas tu ann am fànas.
sreang ◊ caol.
brisg ◊ rudeigin a tha furasta a bhriseadh.
fòirneart ◊ sabaid, cath neo strì.
gus a saoghal a chosnadh ◊ gus airgead a dhèanamh; gus turasdal fhaighinn.
gàbhaidh ◊ cunnartach.
air àrach ◊ air an togail.
rèite ◊ aonta neo cùmhnant eadar daoine.
14
a’ dol a dholaidh ◊ a’ dol am miosad; a’ fàs nas miosa.
faochadh ◊ fois, ùine dheth, taic ri trioblaid, cuideachadh.
cruaidh-chàs ◊ droch shuidheachadh.
miannach ◊ ag iarraidh rudeigin.
a’ cosnadh cliù ◊ a’ dèanamh ainm dha fhèin.
stèisean-fànais ◊ àite-fuirich ann am fànas.
glaoic ◊ amadan
fàsach ◊ àite falamh gun daoine, gu sònaichte, àite teth gun mhòran uisge agus làn chactasan.
faite-gàire ◊ rud a nì thu le do bheul nuair a tha thu toilichte; fiamh-ghàire.
15
nìon ◊ eileamaid Ne, àireamh atamach 10, a thèid a cleachdadh ann an solasan.
priobadh ◊ a’ tighinn air agus a’ dol dheth.
meudachd ◊ cho mòr ’s a tha rudeigin.
sliochd ◊ cinneadh, clann, treubh, buidheann a tha càirdeach a chèile.
mar bu dual dha ◊ mar is àbhaist dha.
bearradh ◊ gearradh neo rusgadh dhan chraiceann.
luachmhor ◊ prìseil, cosgail.
gadachd ◊ goid, meirle.
euchoir ◊ rud ceàrr neo mì-laghail.
sràid mharsanta ◊ sràid mhalairteach, sràid le mòran bhùithtean.
faramach ◊ àrd, le mòran fuaim.
cha bu lèir do Shàl ◊ chan fhaca Sàl.
fa chomhair ◊ air beulaibh, aghaidh ri.
16
dìreadh ◊ dol suas.
sunndach ◊ toillichte
cèile ◊ am fear neo tè ris a bheil thu pòsta.
dìobradh ◊ fàgail, trèigsinn.
samh ◊ droch bholadh.
deàlradh ◊ deàrrsadh.
uchd ◊ broilleach.
cuthach ◊ fearg
dàna ◊ misneachail, bragail, gaisgeil.
chlisg e ◊ ghabh e leum beag.
17
crogall ◊ laghairt mòr a tha a’ fuireach ann an uisge.
gun fhiosta dha ◊ gun fhios aige.
trusgan-armachd ◊ trusgan, deise neo aodach sònaichte, air a dhèanamh à meatailt neo à stuth dìonach eile, agus air a chosg gus neach a chumail beò agus sàbhailte ann an sabaid.
lannach ◊ lannan: na sgealban beaga dìonach a chòmhdaicheas craiceann èisg neo pèist; lannach: làn lannan.
daga ◊ gunna-làimhe beag.
plasma ◊ staid stutha coltach ri gas.
cuimseachadh ◊ amas.
b’ aithne do Shàl e ◊ bha Sàl ga aithneachadh; bha fios aig Sàl cò e.
le drugaichean na sealbh ◊ le drugaichean oirre.
aingidh ◊ olc, mallaichte.
feachd-phoilis ◊ sgioba-poilis.
coirbte ◊ grod, breun, mì-onarach, breugach, bradach, truaillte, fiar.
màl dubh ◊ toirt airgid bho chuideigin tro fhòineart neo tro bhagairt.
oillt ◊ uabhas, eagal mòr.
18
ìnean ◊ iolra air ìne: sgealban aig bàrr do chorragan agus d’ òrdagan; air biastan, na bioran aig bàrr chorragan no òrdagan.
taom ◊ dòirt.
tàirneanach ◊ fuaim a nì dealanach.
caman ◊ slat a leis a chluicheas tu camanachd (iomain).
cràdh ◊ pian.
dìobairt ◊ cur-a-mach.
rusladh ◊ rannsachadh.
19
uabhas ◊ dragh mòr, eagal mòr.
lùths ◊ neart, cumhachd.
oiteag ◊ rud beag de ghaoth.
grad ◊ luath, obann.
an comhair a bheòil ◊ le a cheann an toiseach.
na dhian-ruith ◊ a’ ruith aig peilear a bheatha, cho luath a b’ urrainn dha.
20
troigh ◊ faide dusan òirlich neo 30.48 ciadameadair.
rath ◊ fortan
air a thòir ◊ ga shireadh, ga lorg, ga theicheadh, ga shealg.
fionnar ◊ beagan fuar.
slugan ◊ sgòrnan, amhaich, muineal.
fàire ◊ an loidhne eadar tìr (neo muir) agus na speuran.
21
raon-rocaid ◊ làrach às am blosg rocaidean suas; ’s e an raon-rocaid as ainmeil air an Talamh am fear aig NASA ann an Cape Canaveral, Florida.
spreadhadh ◊ tighinn às a chèile gu luath fòineartach.
blosgadh ◊ fòrsa rudeigin a’ spreadhadh.
sgailc ◊ sgealp, sgleog, buille.
ghabh e thuige fhèin ◊ thàinig e a-steach air.
ùpraid ◊ othail, faram, buaireas.
22
cho luath ’s a th’ agad ◊ cho luath as urrainn dhut.
pailteas ◊ gu leòr.
rocaid-bhathair ◊ bathar: rudeigin a thèid an dèanamh neo a thèid am buain airson reic.
toradh ◊ rudeigin luachmhor a thèid a chruthachadh, a bhuain, a chruinneachadh.
23
smèid air ◊ a’ gluasadh làmh thall ’s a bhos mar shanas do chuideigin.
cnàmhach ◊ caol, sreang le a chnàmhan follaiseach fo a chraiceann.
ospag ◊ anail luath air a gabhail le iongnadh.
nach ann dhìot a tha an sealladh ◊ nach eil coltas dona ort.
cùm do bheul agad fhèin ◊ cùm do bheachdan agad fhèin.
gleansaidhean ◊ mìrean beaga meatailt gleansach, lainneireach, drilseach, boillsgeach.
24
dionach ◊ tèarmannach, seasgair, slan agus gun toll, comasach do dhìon.
dinichean ◊ briogais ghorm a chosg na gillean-cruidh anns na Stàitean Aonaichte an toiseach, ach tha a-nis coitcheann air feadh an t-saoghail.
saidse ◊ doras air long no air bata.
tomadach ◊ gu math mòr no trom.
gaoir ◊ pian no crith ghoirid làidir a thathar a’ faireachdainn le eagal.
àradh ◊ dà chabar le tarsnannain eatarra airson streap suas no sìos.
air ball ◊ gu h-obann, sa bhad.
dìrich ◊ sreap suas.
cagair ◊ bruidhinn ann an guth ìosail.
sporghail ◊ fuaim cuideigin a’ rùsladh mun chuairt.
25
casg ◊ stad.
ciste-laighe ◊ bogsa anns an cuirear corp marbh airson tòradh.
pronnadh ◊ bualadh, bruthadh.
claoidhte ◊ cianail sgìth.
fiughair ◊ coimhead air adhart ri rudeigin.
claonadh ◊ aomadh no cromadh gu aon taobh.
clag-gairm ◊ clag: inneal-ciùil meatailt a nì fuam le bualadh.
nach robhar an dùil ◊ nach robh daoine anns an fharsaingeachd an dùil.
gun cleachdte an seòmar ◊ gun cleachdadh daoine anns an fharsaingeachd an seòmar.
26
cuir rudeigin thuige ◊ cuir rudeigin air.
a leithid ◊ rudeigin colatach rithe.
bheir sinn ar casan linn ◊ falbhaidh sinn gu luath.
na biodh gnothach agad ris ◊ chan e do ghnothach-sa a th’ ann.
27
adhnadh ◊ lasadh
sgleòthach ◊ lèirsinn no fradharc mì-shoilleir.
luathachadh ◊ tomhas air mar a tha rudan a’ dol nas luaithe.
osna ◊ a’ leigeil anail le faothachadh neo le bròn.
galla ◊ cù boireann.
feòrachadh ◊ faighneach.
28
iomagain ◊ dragh.
às do rian ◊ craicte, às do chiall.
29
thoir brath air ◊ thoir fiosrachadh dìomhair seachad mu chuideigin.
air do thì ◊ air do thòir, gad shireadh.
lachan-gàire ◊ gàire mhòr.
sgaiteach ◊ searbh, geur.
30
dochair ◊ cron
faigh cuidhteas ◊ cuir rudeigin bhuat nach eil thu ag iarraidh.
leidheas ◊ cùram-slàinte, slànachadh.
31
cugallach ◊ air ghlugaman, mì-sheasmhach.
ròcail ◊ garbh.
dùrachdach ◊ làidir, cinnteach.
falamhachd ◊ àite gun àile.
sglò ◊ lionn tiugh bitheòlach.
32
leòn ◊ cron no damaist air chorp.
lèigh-losgadh ◊ a’ càradh leòn le teine no rudeigin teth.
gath ◊ sruthadh solais no rèididheachd.
33
ùghdarrasan ◊ na daoine an ceann chùisean ann an suidheachadh.
a dh’aona bheum ◊ sa bhad, aig a’ cheart àm.
an neul ◊ a’ call mothachadh.






Abair leabhar math. 🙂 Cuin a bhios an ath fhear a’ nochdadh?
leis gach deagh dhurachd
Fionnghal
A Fhionnghail chòir,
Ceud mìle taing! Tha mi toilichte gun do chòrd e ruibh. Ghabh mi mòran tlachd às an sgrìobhadh agus bhiodh e math tighinn air ais dha na caractaran a-rithist. Chì sinn. ‘S ann a rèir dè ùine a th’ agam, ach bu toil leam nobhail eile a sgrìobhadh anns an aon t-saoghal gu cinnteach.
le meas, Tim
Tim, a bheil thu luaidh air “time portal” idir ann an gin dhen litreachas agad? ‘S e “fosglan tìme” a chuirinn fhìn air, ach a bheil facal eile agads’ air?
Ah! Cha deach mi a-mach air ‘time-portal’ fhathast. Is toil leam ‘fosglan tìme’ ge-tà. Thuiginn sin gun trioblaid.