Coimheagar

Chan eil diù a’ choin agam do glainead na Gàidhlig. Bidh cànanan daonnan a’ gabhail iasad air faclan is abairtean bho chànanan eile. ’S e gnìomh cudromach, àbhaisteach a th’ ann ann am mion-fhàs cànain sam bith. ’S mar sin, nuair a thig e gu bruidhinn anns a’ Ghàidhlig mu rian de rudan a tha ag obair ri chèile, coltach ris a h-uile duine eile, cleachdaidh mi am facal-iasaid siostam, agus gur math a fhreagras e.

Ach an latha eile, thàinig mi tarsaing air facal ùr ann an Dwelly a’ riochdachadh an aon bhun-bheachd: comh-eagar, agus thaitinn e leam cho mòr, saoilidh mi gun tòisich mi a chleachdadh an àite siostam, aig amannan co-dhiù. Is toil leam comh-eagar air sàillibh ’s gu bheil ciall an fhacail cho follaiseach bho chiall an dà eileamaid dheth: rudan air an eagrachadh ri chèile, .i. siostam.

Chan e facal cumanta a th’ ann, gun teagamh. Cha do lorg mi aon iomradh air ann an DASG. Ach tha e reusanta cumanta ann an Gàidhlig na h-Èireann, a’ ciallachadh co-òrdanachadh an sin. An aon rud, ge-tà: nuair a chanas mi fhìn e, gu nàdarra, bidh mi a’ cur a’ bheuma air a’ chiad lide. Chan eil fhios agam a bheil sin traidiseanta gus nach eil, ach tha e a’ faireachdainn ceart, agus mar sin, nuair a chleachdas mi ann sgrìobhadh e, saoilidh mi gun litrich mi mar aon fhacal e: coimheagar.

Dè ur beachd?

Chaidh seo a phostadh ann an corpas ficsean-saidheans. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Coimheagar

  1. Seo eisimpleir o chorpas DASG le “eagar”

    a’ cur an eagar

    “Tha feadhainn dhe na sgeulachdan eile sa ‘ leabhar seo snasail gu leòr air an sgrìobhadh is an cur an eagar agus tha feadhainn dhiubh le “ idea ” gu math domhainn air an cùl ; ach chan eil móran dhiubh anns a bheil ealain is cuspair aig an aon ìre .”

    Bhite a’ cleachdadh eagar sna seann làithean airson “clas”. Mar eisimpleir, “a’ teagasg eagar Gàidhlig”.

    Mar iomadh facal eile, bidh sinn a’ cleachdadh nam faclan-iasaid mar “siostam” bhon a chaidh an taghadh sa chiad dol a-mach nuair a mheas cuideigin no daoine nach robh na faclan Gàidhlig a bh’ ann freagarrach leis gun robh ciall ro fharsaing orra.

    Saoilidh mi gur ionann an suidheachadh sin agus cleachdadh no gun a bhith a’ cleachdadh “co-eagar”. Dh’fhaoidte gum bi e freagarrach an àite “siostam” ann an cuid de sheaghan, ach bidh sin a-rèir beachd an neach a tha smaoineachadh air an fhacal as fhreagarraiche don t-seagh sa bheil e ag obair.

    Fiù ’s ged nach bi faclan daonnan freagarrach don t-suidheachadh, fàsaidh iad “freagarrach” ma thig iad gu bhith air an cleachdadh leis a’ mhòr-chuid.

Fàgaibh Beachd - Leave a Reply