
Bha mi aig taigh mo charaid Roddy madainn an-diugh, a’ gabhail brunch vegi, agus sheall e còmhlan Gàidhlig ùr dhomh, Mòine, a tha dìreach air EP a chur suas air Bandcamp. Tha iad sgoinneil! ’S e còmhlan de dhithis a th’ annta, giotàr agus drumaichean, a nì meatailt dhubh a tha an dà chuid àileach agus aognaidh. Tha iad a’ còrdadh rium gu mòr. B’ ann à Glaschu a tha iad, agus bu choltach gun robh a’ chiad chuirm aca aig an àm seo an-uiridh aig an 13th Note (nach maireann). Tha mi a’ dèanamh fiughair ri am faicinn beò!




