Seall seo! Is coltach gun do chuir Alison chòir a’ bhideo seo suas beagan mhìosan air ais, ach tha mi dìreach air a lorg. Tha i an dèidh sreath de bhideoan goirid mar seo a dhèanamh air iomadh leabhar Gàidhlig eadar-dhealaichte. Abair deagh bheachd. Cuideachd, air an t-seanail Youtube aice, bidh i a’ cur post ris a’ bhlog bhideo aice gach seachdain, air aithris anns a’ Ghàidhlig agus anns a’ Bheurla, a-mach air a’ bheatha aice mar sgrìobhadair. Chan eil mi eòlach air blog bhideo eile anns a’ Ghàidhlig, agus mar sin, tha e uabhraidh math Alison fhaicinn aig toiseach ghnothaichean. Gun tèid e gu math leatha!
Leanaibh sinn air Twitter:
Ceòl nan Speuran
Làraichean




- "Clach-mhìle ann an litreachas na Gàidhlig." -Cothrom

- "Còrdaidh Saorsa riut agus tha mi ga mholadh." - An t-Albannach
Cùrsa Memrise ACDD

Roinnean-seòrsa
- ceòl (34)
- corpas ficsean-saidheans (19)
- fànas (19)
- Ficsean-saidheans (89)
- FS Gàidhlig Tràth (8)
- naidheachd (131)
- punc (21)
- saibeirneatachd (29)
- SF (6)
- Uncategorized (6)
- Còraichean nan iomhaighean le CLÀR 2011, 2013, cleachdte le cead.
Tapadh leat airson ceangal a chur. Bidh leabhraichean eile agam aig https://www.youtube.com/channel/UCrPO9ev77GIv8VwOIdohNig agus tha mi an dòchas gum fàg daoine eile am beachdan air YouTube, air drilseach.net agus an àite sam bith a bhios còmhradh air leabhraichean Gàidhlig. Alison 🙂